[AD]

samhla tractar

Ann an còmhradh le... Lachie MacLeòid

Tha Lachie MacLeòid an sàs ann an obair inntinneach - siubhal timcheall na dùthcha ann an seann thractar gus airgead a chruinneachadh dha daoine bochd ann an Romania. Agus abair gu bheil e fhèin 's Fergie air a bhith trang.

  1. Co às a tha thu agus càite an deach do thogail?
    Tha mi às an Eilean Sgitheanach agus chaidh mo thogail air tac a' Chnuic ann an Slèite.
  2. Dè an teaghlach a tha agaibh?
    Tha mi pòsta aig Iseabail fad aon bhliadhna deug ar fhichead agus tha dithis nighean agam, Lorraine, a tha deich bliadhna fichead, agus Lorna a tha ceithir ar fhichead.
  3. Dè an dreuchd a bha agaibh?
    Bha mi deich bliadhna fichead air a' phoileas ann an Strath Chluaidh far an robh mi an lùib 'patrols' air an M8 airson ùine mhòir.
  4. Dè a thug oirbh seo a dhèanamh?
    Bha fios agam o chionn iomadh bliadhna ron 'Revolution' gun robh gnothaichean glè dhona ann an Romania agus bha mi airson rudeigin feumail a dhèanamh airson nan daoine bochd. Bha mi ag obair am measg nan daoine bochd ann an sin ach bha mi airson aire barrachd dhaoine a tharraing gu cho bochd 's a bha an dùthaich sin. B' ann an uairsin a smaoinich mi gun deighinn timcheall Alba le tractar airson aire dhaoine a tharraing.
  5. A bheil sgeulachdan inntinneach sam bith agaibh tro bhith siubhal le Fergie?
    'S ioma tè sin. 'S dòcha gur e a' cheist dè an tè as inntinniche. Tha mi cinnteach gur e an tè as inntinnche, agus tè a bheir sealladh air cho dìleas 's a tha ar Dia agus cho coibhneil 's a tha na daoine ri na choinnich mi, nuair a bhris mi sìos ann an Àrd nam Murchain.
    Chaidh 'piston' a mhilleadh am broinn einnsean an tractair a tha còrr air leth-cheud bliadhna a dh'aois - càite an gabhadh leithid a rud fhaighinn? Bha an tractar mìltean bho àite sam bith far am faighinn cuideachadh. Thàinig fear, Richard Watters, le làraidh agus thug e an tractar gu garaids agus leig e leam an tractar a thoirt às a chèile ann an sin. Fhuair mi piston ann an Glaschu agus chàirich mi an tractar agus bha mi air ais air an rathad an ceann dà là.
    Chan urrainn dhomh ach a bhith a' gabhail iongnadh gu bheil Dia a' cur daoine gasta mar seo nar beatha.
  6. Dè an sgeulachd a tha air cùlaibh an tractair?
    Thug mi tractar gu Romania bliadhna no dhà air ais agus leugh banntrach à Cill Mheàrnaig mu dheidhinn ann am pàipear-naidheachd agus an uairsin thug i dhomh an tractar a bha seo a bha aig an duine aice, Ferguson TED20 Petrol/TVO (Tractor Vaporising Oil). Chan eil an tractar gu mòran feum ann an Romania oir chan eil TVOs ri fhaotainn. Ach, tha an tractar air a bhith gu math feumail dhomh-sa aig an taigh airson airgead a thogail. Shiubhail mi fhèin 's Fergie eadar Taigh Iain Grot agus ceann a deas Shasainn ann an 1999 agus air feadh 18 eileanan air costa an iar na h-Alba, dol thairis air 22 aiseag, ann an 2002. Bho fhuair mi an tractar tha mi air £30,000 a chruinneachadh.
Còraichean © 2004 An Gàidheal Ùr.