Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Lìonra nan lìonraidhean sòisealta: Mastodon, PeerTube agus an co-shaoghal


mastodon_deasaiche_dhealbhan.png mastodon_emojis_gn__thaichte.png mastodon.png peertube_trending.png peertube_video.png
Ma tha thu a’ fàs beagan seachd searbh dhe Facebook is Twitter, tha roghainn eile ann dhut: An co-shaoghal no fediverse sa chànan eile.

Tha an lìonra sòisealta sin fo smachd an luchd-cleachdaidh fhèin seach companaidhean mòra agus ’s urrainn do dhuine sam bith frithealaiche a chur air dòigh.



Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air co-shaoghal.net no 's urrainn dhut ballrachd fhaighinn sa bhad le ceangal cuiridh gu Mastodon a tha coltach ri Twitter. Chruthaich mi frithealaiche PeerTube cuideachd a tha coltach ri YouTube ach chan eil e fosgailte do chlàraidhean aig an àm seo. Tha a’ video gu h-àrd air PeerTube cuideachd.

Tha prògram clàraidh video ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
obs-studio-screenshot.png
 
'S e bathar-bog saor le bun-tùs fosgailte airson clàradh video agus sruthadh beò a th' ann an OBS Studio.

  • 'S urrainn dhut iomadh struth video is fuaime a chur ri chèile. Glac uinneag, camara-lìn 's a bharrachd...
  • Tha measgachadh fuaime cho furasta 's a ghabhas.
  • Tha tòrr plugain agus roghainnean aig a' phrògram.
Ma chunnaic sibh gin dhe na videothan a rinn mi air YouTube no PeerTube, 's ann le OBS Studio a chlàraich mi iad.

Tha OBS Studio ri fhaighinn air Windows, Mac agus Linux.

Geama ùr – Endgame: Singularity


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
singularity-screenshot03.png singularity-screenshot02.png singularity-screenshot06.png singularity-screenshot05.png
Chaidh do chruthachadh le tubaist agus tha thu daonnan fo chunnart.
Cùm 'nad fhalach, fàs agus ionnsaich.
Gus an dig an latha a theicheas tu.

'S e atharrais air fìor-inntinn fhuadain a th' ann an Endgame: Singularity. Teich on dàrna choimpiutair dhan choimpiutair eile fhad 's a bhios an saoghal gu lèir an toir ort. Cùm 'nad fhalach feuch am bi teans agad.

Faigh e saor 's an-asgaidh!

Dealbh-èibhinn: Peabar ⁊ Curran


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: GunChleoc
pepper-carrot-banner.jpg
 
'S e dealbh-èibhinn saor a th' ann am Peabar ⁊ Curran a tha freagarrach do gach aois agus nochdaidh eapasod ùr mu gach dàrnacha mìos. 'S e fear-ealain Frangach David Revoy a tha san ùghdar is tha e 'ga thabhann an-asgaidh fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0. Cha ghabh an t-ùghdar ach ri tabhartasan saor-thoileach mar thuarastal.
Tha gleus tar-sgrìobhaidh aig an dealbh-èibhinn agus nì sibh lorg luath san fhaclair le Wordlink gu luath. Leis an tar-sgrìobhadh, gabhaidh a leughadh os àrd cuideachd.

Gheibh sibh blasad dhen obair-ealain air a' bhòrd-bhrath.

Na dealbhan © David Revoy, fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0 .

Geama ùr: Valyria Tear


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
valyriatear-screenshot01.png valyriatear-screenshot06.png valyriatear-screenshot08.png valyriatear-screenshot04.png
'S e geama cluich mas fhìor (RPG) air stoidhle Sheapanach 2D airson aon chluicheadair a th' ann am Valyria Tear agus cluichidh tu ann an saoghal meadhan-aoiseach. Tha a' chiad eapasod dheth deiseil a-nis.

Thèid thu an riochd Bhreannain, seo òganach 's èiginn dha strì airson sealbh air criostal dìomhair. Le taic an nì chumhachdaich sin, gheibh e a-mach mun chunnart a thàinig air an t-saoghal aige ach cuideachd mu mhisneachd is gaol.

Sa gheama seo, gheibh thu sgeulachd tharraingeach, rùrachadh air mapa dathail, còmhragan, stiùireadh phearsachan, tòimhseachain is a bharrachd.

Gheibh sibh e air valyriatear.blogspot.com. Nollaig chridheil dhuibh!


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05