Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Eadar-theangachadh aig phpBB 3.0.9 ri fhaighinn


Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Nochd tionndadh ùr aig a' bhathar-bhog phpBB agus chuir mi na atharrachaidhean ris na faidhlichean cànain. Tha Gnìomhan nan Rianairean a dhìth fhathast, ach tha a h-uile rud poblach sa Ghàidhlig. Gheibh sibh na faidhlichean an seo.

Goireasan Opera


Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Tha dà ghoireas ùr ann do dh'Opera:

Opera Mini/Mobile - A' chiad bhrabhsair Gàidhlig san t-saoghal a dh'obraicheas air fònaichean-làimhe agus tablaidean.

Dearbhair-litreachaidh.

Taing do dh'Akerbeltz a-rithist!

Tionndadh ùr air Firefox


Tùs: Mozilla.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Gheibhear Tionndadh 4 aig Firefox sa Ghàidhlig a-nis.

Firefox version 4 has been released in Gaelic.

http://www.mozilla.com/gd/firefox

phpBB3 ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Tha sinn air crìoch a chur air an eadar-theangachadh den phàirt phoblach aig a' bhathar-bhog phpBB3. Ma tha sibh airson bòrd-brath a chur an cois sa Ghàidhlig, gheibh sibh na faidhlichean an-seo.

We have finished translating the public part of the phpBB3 software. If you wish to run a Gaelic-language messageboard, get the files here.

Opera 11 sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: Akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Tha Opera 11 ri fhaighinn sa Ghàidhlig. Taing do dh'Akerbeltz!

Tha mearachdan beaga ann fhathast a thèid gan ceartachadh san àm ri teachd.
  1. Stàlaich Opera 11 (Beurla)

  2. Rachaibh gu http://www.opera.com/download/languagefiles 's faighibh am faidhle ouw1100_gd.lng aig Scottish Gaelic > 11.0

  3. Sàbhailibh am faidhle. Tha misa 'ga chur ann an Program Files > Opera > locale (far a bheil faidhle na Beurla cuideachd)

  4. Tha Installation Instructions air http://www.opera.com/download/languagefiles ach tha diofar beag eatarra 's Opera 11, seo dhuibh mìneachadh ùr ma-thà:

  5. Briogaibh air Menu > Settings > Preferences > Details > User Interface Language > Select > taghaibh am faidhle ouw1100_gd.lng far an do dh'fhàg sibh e

  6. Briogaibh OK.

  7. Cha-chinnngggg .... Gàidhlig


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05