Cearcal a Chuain

runrig-the-highland-connection.jpg
 
The Highland Connection

Faclan le Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Tha sinn uile air cuan
Stiùireadh cuairt troimh ar beatha
A' seòladh geòla dhorch
Air chall an greim na mara
Tha a' ghaoth air ar cùl
Tha a' gheòl a' cumail roimhpe
'S cha dèan uair no an cuan
Tonaisg dhuinn no rian

A' mhuir tha i ciùin
Tha i fiadhaich tha i farsainn
Tha i àlainn tha i diamhair
Tha i gamhlasach is domhain
O ach sinn tha sinn dall
'S chan eil againn ach beatha
Tog an seòl, tog an ràmh
Gus an fhaigh sinn astar ann

Ach tha mi 'n dùil, tha mi 'n dùil
Nuair a bhios a' ghrian dol fodha
Chì iad mi a' stiùireadh 'n iar
Null a dh' Uibhist air a' chearcal
Cearcal a' chuain
Gu bràth bidh i a' tionndadh
Leam gu machair geal an iar
Far an do thòisich an là
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:54:33
© 1979 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.