Foghar nan Eilean '78

runrig-the-highland-connection.jpg
 
The Highland Connection

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Tha na duilleagan a' dannsa
Bho na craobhan anns a' ghaoith
Foghar donn ar bliadhn' air tionndadh
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Sona dh'fhàg thu mi le m' eilean
'S leam na lochan is na bàigh
Mo chridh' aig tàmh air beanntan geamhraidh
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Foghar nan eilean
Foghar mu thuath
Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn
Mas tàinig an t-sluagh
Bidh am fraoch air nam beanntan
'S a choille ruadh fon ghrian
'S iad a sealltainn dathan dhomhsa
Gus an till iad a rithis

Tha an latha seachad bùithtean dùinte
Gheibh an caisteal fois na h-oidhch'
Gheibh an t-airgead cadal socair
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Mar a dh'atharraich iad ar beòshlaint
Mhill iad dualchas cainnt 's ar dòigh
Ach fhoghair, crathaidh mi do làmh
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Foghar nan eilean
Foghar mu thuath
Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn
Mas tàinig an t-sluagh
Bidh am fraoch air nam beanntan
'S a choille ruadh fon ghrian
'S iad a sealltainn dathan dhomhsa
Gus an till iad a rithis
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:39:50
© 1979 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.