Faclan Òrain Runrig     -    Runrig Lyrics

Fuaim a Bhlair

runrig-recovery.jpg
 
Recovery

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Fuaim a' bhlàir, ceòl a' chogaidh
An guth 's an nàire
Air cluasan eachdraidh
Sgìth dh'an bhlàr, sgìth dh'an chogadh
An t-eallach 's an cràdh
Air gualainn eachdraidh

Saighdear mi 's a' Fhraing 's a' Ghearmailt
Saighdear mi air raointean Chanada
Saighdear mi 's an Spàinn 's an Eadailt
Saighdear mi 'nam aghaidh fhèin an Èirinn

Blàr nan Gaidheal, an Gaidheal 's an cogadh
An fhuil 's am bàs
Air bràighean eachdraidh
Fuaim a' bhlàir, ceòl a' chogaidh
An guth 's an nàire
Air cluasan eachdraidh

Saighdear mi 's a' Fhraing 's 's a' Ghearmailt
Saighdear mi air raointean Chanada
Saighdear mi 's an Spàinn 's an Eadailt
Saighdear mi 'nam aghaidh fhèin an Èirinn
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:40:54
© 1981 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.