Oran
2001
The Stamping Ground
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Anail mo bheatha,
Anail mo bhithe
(Anail mo bheatha)
A' gairm nam anam
'S a togail mo chridhe
('S a togail mo chridhe)
'S mi nam sheasamh ma d' choinneamh
Gun fhiamh, gun mhiann
('S mi nam sheasamh ma d' choinneamh)
Thig uallach na maidne
Nuair dh'èireas a' ghrian
(Nuair dh'èireas a' ghrian)
Òran, naomha, buan
Tog gu h-àrd guth an t-sluaigh
Òran, tha mi rèidh
Èirich, èirich, bhàrr an t-slèibh
Tha an salm mar lasair
A' boillsgeadh gach àite
(Tha an salm mar lasair)
Dh'fhosgail mo bhilean
Nuair thòisich an latha
(Nuair thòisich an latha)
Òran, naomha, buan
Tog gu h-àrd guth an t-sluaigh
Òran, tha mi rèidh
Èirich, èirich, bhàrr an t-slèibh
Seinn, seinn, seinn
Òran ùr, òran an ùir
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:03:14
© 2001 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.