Meadhan Oidhche Air An Acairseid

runrig-mara.jpg
 
Mara

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Gealach air an acairseid
Ceatharnach 'na fhèileadh
"Tè bhàn, tè bhuidhe bhàn"
Mu meadhan oidhche

Clann-nighean òg 's balaich a' bhaile a' cruinneachadh
mu bhùth Dhoilidh 's mu bhùth Chroinns
A' coiseachd, 's a' suiridhe 's a' caithris na h-oidhche

Gealach air an acairseid...

Tionndadh a' chlàir air ais na bliadhnaichean abachaidh a' ghràidh.
Am Bàgh Cuilce, Àird an Aiseig, Lag an Domhainn, Ceann a' Bhàigh.
Tionndadh a' chlàir air ais, meadhan oidhche, gealach 's gealladh.
Sheas an cruthachadh stòlda air rathad a' stèisean.
Sheas na eathraichean aig tàmh

Gealach air an acairseid...

"Bhidh sinne 's crathadh làmh againn
Is bilean blàth toirt phòg"
Cridhe bàidheil caoimhneil
Cho tairis ris an òr
An guth 's an t-sèist a' glaodhaich
"Far an robh mi 'n raoir"
Na bliadhnaichean a' tionndadh
Briathran mòr MhicLeòid

Gealach air an acairseid...
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:56:39
© 1995 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.