Ard
1993
Amazing Things
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Madainn Di-haoine 's an dùthaich fo sgòth
'S mi sgìth le cuid smalan, mì-mhisneachd is bròn
Seo an deicheamh là dhan a' Ghiblean 'sinn fo ghruaim a rithist
An co-dhùnadh a cheannaich na daoine aig prìs
Tha spiorad nan daoine nas soilleir na ghealach
Nas doimhne na 'n cuan
Gheibh sinn ar n-àite 'san t-saoghal
'S an ginealach ùr
Àrd: blàr nan daoine
Àrd: guth is saorsa
Àrd: tha sinn gluasad
Gu h-àrd thèid sinn suas
'S iomadh trioblaid tha romhainn 'nis Gaidheal agus Gall
'S mi le aon sùil air eachdraidh, aon sùil air mo chlann
Ach cùm creideamh nad bheatha, sonas nad chridhe
Chan e seo deireadh rathaid ach toiseach linn
Tha spiorad nan daoine nas soilleir na ghealach
Nas doimhne na 'n cuan
Gheibh sinn ar n-àite 'san t-saoghal
'S an ginealach ùr
Àrd: blàr nan daoine
Àrd: guth is saorsa
Àrd: tha sinn gluasad
Gu h-àrd thèid sinn suas
Chan urrainn dhomh fuireach an taigh 'tha fo sgòth
Ach le creideamh is dòchas gu deireadh mo là
Tha an lasair nad anam aig meadhan do bhith
Nas làidir 's nas motha na riaghaltas no rìgh
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:17:08
© 1993 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.