'Se pàipear-naidheachd là an-diugh
A dh'inns dhomh mu do chuairt
Air cuan deireannach a' ghràidh
'Fàgail na Caraidh moch Di-Màirt
Air an t-slighe tha nas àirde
Na drochaid òb Cheann a' Bhàigh
'S tu chuireadh fonn ri gach smuain
Earrann ri gach cuan
Briathran ri gach cuairt
Am bàrd, am maraiche còir
Seòladh gu do ghlòir
Air a' gheòla oirdhearc le do sheòrs'
Seasaidh gach eithear taobh ri taobh
Aig acarsaid a tuath
Thig mucan mara tron an t-sàile
'S ged thig soillse 's gràs dhuinn fhathast
Dh'fhalbh là a' bhàird
Gun nì air talamh ghabhas d-àite
Tha grian eile ag èirigh
Air baile truagh fuar
Tha sinn a' caoidh ginealach nan naoimh
'S a' ghrian a dh'fhalbh leibh
Gu bith ùr
Am bàrd, am bàrd deireannach
Am bàrd, am bàrd deireannach
English Translation @ The Band From Rockall