A Reiteach

runrig-proterra.jpg
 
Proterra

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Bi mo leannan geal is àlainn
Le briathran geallaidh thar chàich
Bi sinn drùidhte an smùid an aoibhneis
An oidhche phòsas mo rùn

Nam shuidhe cluinntinn ceòl a' rèitich
'S duilich cur an aghaidh dàn
A' feitheamh son a làmh a mhaireas
An oidhche phòsas mo rùn

Tog glainne mhòr na slàinte
Thoir an cearcall chun an làr
Thèid sinn cuairt taobh cùil na gealaich
An oidhche phòsas mo rùn

Tha i na seasamh aig a' rèiteach
Thèid na reultan bun os cionn
'S thèid a' ghrian air chall gu madainn
An oidhche phòsas mo rùn

Togaidh sinn horo gheallaidh
Horo gheallaidh horo togaidh
Sinn horo gheallaidh
Horo gheallaidh horo

Fa li oro
Hug oro
Fa li oro hogainn o ro
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:08:58
© 2009 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.