Cum 'Ur N'aire
1978
Play Gaelic
Faclan aig Calum Dòmhnallach
Tha na geòidh ag éirigh bhon a mhachair
Tha na h-uain a ruith 's leum air cùl na h-achadh
Ach tha thusa neisd na d' chall 's a' bhaile
Ach na fairich gu bràth nad aonrachd ann
Cum ur cum ur cum ur n-aire
Air an iar 's air an àite a dh'fhàg sibh
'S cuimhnich cuimhnich gu robh agaibh
Dualchas àraid agus luachmhor ann.
Tha na solais oidhche neisd na d' choinneamh
Tha d' ghealach neisd gach dath 's gach seòrsa
Ach na coimhead ach le aon sùil orra
Gu 'm fàg iad mealltach dall thu
Cum ur cum ur cum ur n-aire
Air an iar 's air an àite a dh'fhàg sibh
'S cuimhnich cuimhnich gu robh agaibh
Dualchas àraid agus luachmhor ann.
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:29:35
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.