Sraidean Na Roinn-Eorpa
1993
Amazing Things
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Chuir mi mo chùl ri Lunnainn
An samhradh air m' aodann
'S mi air sràidean mòr na Roinn-Eòrpa
'S mi le mo rùn, le m' anam, mo bhratach
Mo ghrian mo ghealach ùr
'S sheas mi 's na àiteachan 's an do sheas m' athair
'S ioma cogadh a tha ann airson saorsa
Dà fhichead bliadhna 's an dìleab air fhàgail
Briathran do linn 's do sheòrsa
Baile beag anns a' Ghearmailt
Gruagach cho bòidheach
Le sùilean làn sonas is bròn
Thuirt i "am bheil fhios agaibh fhèin, an t-sochair 'tha agaibh
Tha eallach eachraidh air mo ghualainn cho trom"
Chrath sinn làmhan, 's dh' fhalbh i a' seinn
An dàn tha domhainn, 's gach anam de dhaoine
Dh'fhàg mi i le blas beag de mo dhùthaich
Dh'fhàg i mi leis a chompanas ùr
Tha na brataich a' snàmh
An cuan de dhathan
Do chànan binn an cluas na Roinn-Eòrpa
Tha na sràidean beò le cainnt 's togair
Sràidean am Babel ùr
'S thusa mo rùn, tha cothrom mad choinneamh
Tha do chliù air 'dhol tarsainn an cuan
Thusa tha meanbh, bi làidir, bi àlainn
Taisbean do chànan, bi buan
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:25:40
© 1993 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.