O mo Mhàiri bhàn tha na blàthan air na gallan
Tha 'n eala bhàn aig tàmh air na lochan mar a bha
Is tha na sgòthan olc 's dorch air am fuadach, air an sgaradh
Grian ùr ag èirigh suas
Grian tha abaich le gaol mo Mhàiri bhàn
Na sheasamh air a' chidhe, gruagach bhòidheach, òighe maise
Cho aotram is cho saor, sùilean lasadh blàth le gàire
'S tha aiseag mòr mo chridhe seòladh bho sgrios gu sìth 's sonas
'S tùs an lus an gàrradh marbh
An reul san adhair chiar, mo Mhàiri Bhàn
'S daor a cheannaich sinn an saors' a chuir crìoch ri blàr 's ri cogaidh
Daor na cuimhnichean nach fhàg fàsach cianail an Roinn-Eòrpa
'S tha gach là a tha nam choinneamh airson nan gillean nach bi tilleadh
Ar clann gun fhathast ann
'S saoghal loma-làn le gaol mo Mhàiri bhàn
Nach toir thu dhomh do làmh, do phòg, do gheall, do ghaol 's do chridhe
'S gun coisich sinn le sunnd tro ghàrradh òg na cruinne
Tha gealach làn ar fiughair a' soillse air a' mhachair
'S air an t-slighe tha feitheamh oirnn
Slighe a mhaireas ri gu bràth, mo Mhàiri bhàn
Tha 'n eala bhàn aig tàmh air na lochan mar a bha
English Translation @ The Band From Rockall