Mairi
1979
The Highland Connection
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Dorch an nochd tha 'n t-Eilean
Dathan air am fuadach far nam beann
Tha faileas a' tuiteam bhon an Stòr
Mar t-fhalt dorch a suabadh do cheann
Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
'S mi gad ionndrainn ho ro
Dè math an tobar gun an t-uisge
Dè math an corp gun cridh'
Nam biodh neart an Stòir 'nam làmhan
Bhiodh sinn le 'r chèile 's an Eilean a rithist
Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
'S mi gad ionndrainn ho ro
'S dòch nach fhaigh sinn nèamh no beatha eile
Nuair a dhùineas sùilean aig deireadh lath
Ach fhuair mi mo nèamh an seo 's an àite
Far an d' thug thu dhomh do làmh 's do cridhe slàn
Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
'S mi gad ionndrainn ho ro
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:52:25
© 1979 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.