Tir a' Mhurain
1989
Searchlight
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Trobhad is coisich rium
Ri taobh a' chuain
Is seallaidh mi dhut
Tìr a' mhurain
Fàilte gu mo dhàn
Sìol is meas nam bàrd
Am foghar bha feitheamh orm
Bho an là a bha mi òg
Trobhad is coisich rium
Ri taobh a' chuain
Is seallaidh mi dhut
Tìr a' mhurain
Fàilte gu mo thìr
Eilean geal an iar
An t-àit a chì gach tuigse is fìrinn
Glaiste 'na mo chridhe
Trobhad is coisich rium
Ri taobh a' chuain
Is seallaidh mi dhut
Tìr a' mhurain
Fàilte gu mo chainnt
Is i dh'ionnsaich mi 'nam phàisde
Cànan uasal mòr nan Gaidheal
Mar bhratach dhomh gach là
(Sèist)
Is ged a dh'fheuch iad ri cur às dhuinn
Chì mo theaghlach cnoc nan linn
Is ged tha ar cànan leòint le strì
'S an tìr seo bidh i beò
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:29:42
© 1989 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.