Cearcal a Chuain
1979
The Highland Connection
Faclan le Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Tha sinn uile air cuan
Stiùireadh cuairt troimh ar beatha
A' seòladh geòla dhorch
Air chall an greim na mara
Tha a' ghaoth air ar cùl
Tha a' gheòl a' cumail roimhpe
'S cha dèan uair no an cuan
Tonaisg dhuinn no rian
A' mhuir tha i ciùin
Tha i fiadhaich tha i farsainn
Tha i àlainn tha i diamhair
Tha i gamhlasach is domhain
O ach sinn tha sinn dall
'S chan eil againn ach beatha
Tog an seòl, tog an ràmh
Gus an fhaigh sinn astar ann
Ach tha mi 'n dùil, tha mi 'n dùil
Nuair a bhios a' ghrian dol fodha
Chì iad mi a' stiùireadh 'n iar
Null a dh' Uibhist air a' chearcall
Cearcall a' chuain
Gu bràth bidh i a' tionndadh
Leam gu machair geal an iar
Far an do thòisich an là
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:20:16
© 1979 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.