Thairis Air A Ghleann
1995
Mara
Faclan air Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Choimhead mi ri m' chùl
Gun neimh gun truas
Làrach mo chasan mu sgaoil
'S iad a' triall tron an ùir
Gu toiseach 's gu deireadh uair
'S gu na làithean soilleir buan
Thairis air a' ghleann
O molaidh sinn
An gaol 's an gràs
A thug dhuinn bith
Cho umhail fo ghrèin
'S i dealradh sìos
Air reultan cèin
Thàinig thu nuas
Gu fàsach truagh
'S thog thu am faileas bhon a' ghleann
Buidheachas is nàire
An tomhas air gach làimh
Togaidh sinn do chliù an àird
Air slighe Dhè
(Sèist)
(Sèist)
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:28:48
© 1995 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.