Air An Traigh
1978
Play Gaelic
Faclan aig Calum Dòmhnallach
'S b'fheàrr gun robh mi 'r ais a rithis
Coiseachd cas rùisgte air an tràigh
Le mo dhà làimh 'na mo phòcaid
'S i ri mo thaobh, Anna mo ghràidh
Bha sinn òg is bha sinn spòrsail
Cluichd le sòlas is le gàir
Air a' mhonadh 's air an locha
'S measg an arbhair anns a' bhàthaich
'S nuair a thig e gu am feasgair
'G iarraidh crodh shuas air a' bheinn
'S dhèanamh dhachaidh air 'ar socair
Togail òrain 's togail ruinn
Bhiodh sinn sgìth nuair nochdadh oidhche
'G òl bainne fuar taobh teine blàth
'S bhiodh sinn gràineil dol dhan leabaidh
Ach a-màireach 'g èirigh tràth
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:16:04
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.