Cnoc na Feille
1985
Heartland
Faclan aig Calum Dòmhnallach
Gun dragh gun d' chuir e an t-eagal oirnn
Solus Cnoc na Fèille
(Hoginn oro horo illean horo eile)
Bha feadhainn ann a chunnaic e
'S càch ag inns' nam briagan
(Hoginn oro horo illean horo eile)
Ach muinntir an dà shealladh
Chitheadh iadsan co-dhiubh e
(Hoginn oro horo illean horo eile)
Hoginn o, hoginn o, horo horo illean
Hoginn o, horo illean, hoginn o hoginn o
Tha lach is giadh is curracag
'Nan caraidean air a' mhachaire
(Hoginn oro horo illean horo eile)
Tha feannag air a crochadh suas
Ceangailt le ròpa
(Hoginn oro horo illean horo eile)
Tha coineanach 'sa ghainmheach
Na sheasamh, abair urchaire
(Hoginn oro horo illean horo eile)
Hoginn o, hoginn o, horo horo illean
Hoginn o, horo illean, hoginn o hoginn o
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:55:37
© 1985 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.