Alba
1987
The Cutter and the Clan
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Air sgiath a' seòladh nan neòil
'S an domhain liath
Mar dhealbh a' tighinn beò tro na sgòthan
'S mi a' tilleadh gu tìr
Alba nam beanntan àrd
Nan acraichean lom
Thairis air na lochan mòintich
Nan coilltean 's nan gleann
Alba
Ach 's e sealladh leòinte is gann
Tha an seo aig ceann thall an linn
Talamh àlainn nan daoine
Fhathast an làmhan duine no dithis
Cuibhlean stòlda mu dheas
Na fàsaichean a' tuath
An taigh-mòr falamh an Dùn-Èideann
Gun chumhachd gun ghuth
Alba
Sibhse chuir achadh ri achadh
Taigh ri taigh
Gus nach bi àite anns an tìr
'S an gabh sibh còmhnaidh air leth
Ach 's math dhomh bhith seo an dràsd
A' cur fàilt air a' bhlàths
'S an tìr a tha cho ùr dhomh an diugh
Is a bha i nuair bha mi 'nam phàisd
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:16:32
© 1987 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.