Sunndach
1978
Play Gaelic
Faclan aig Calum Dòmhnallach
Bho m' uinneag tràth
Beinn Tianabhaig ag èiridh suas
A' ghrian air a chùl
A' cur òr air a' bhàgh
Madainn bhlàth
Dealbh beò
Tha a' Chuiltheann gun cheò
'S chan eil sgòth air m' aire
Mi coiseachd mach tràth
Na bàtaichean 's a' Chamus Bàn
Ceò teas anns an fhraoich
Air an eilean uaine
Tha ghrian a' sìneadh sìos
Air sràidean Phort Rìgh
'S ged tha mi cho sunndach
B' fheàrr gun robh mi fuireach
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:28:23
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.