Ribhinn O
1981
Dance Called America
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Tha bùrn fallain anns an tobar
'S gabhaidh sinn ar h-uile slàinte ann
Tha bùrn fallain anns an tobar
'S gabhaidh sinn ar h-uile slàinte ann
Tiugainn leam a rìbhinn òg
Tiugainn leam a nighean, tiugainn leam
Tiugainn gu na beanntan àrd
Abair sealladh, dathan earraich ann
Tiugainn gu na beanntan àrd
Abair sealladh, dathan earraich ann
Tiugainn leam a rìbhinn òg
Tiugainn leam a nighean, tiugainn leam
Thèid sinn 'null air an aiseig
Tarsainn air a chuan thèid sinn ann
Thèid sinn 'null air an aiseig
Tarsainn air a chuan thèid sinn ann
Tiugainn leam a rìbhinn òg
Tiugainn leam a nighean, tiugainn leam
A rìbhinn o, a rìbhinn o, a rìbhinn o, a ho ro
A rìbhinn o, a rìbhinn o, a rìbhinn o, a ho ro
A rìbhinn o, a ho o hi o, ho ro
A rìbhinn o, a rìbhinn o, a rìbhinn o, a ho ro
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:01:58
© 1981 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.