Fuaim a Bhlair
1981
Recovery
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Fuaim a' bhlàir, ceòl a' chogaidh
An guth 's an nàire
Air cluasan eachdraidh
Sgìth dh'an bhlàr, sgìth dh'an chogadh
An t-eallach 's an cràdh
Air gualainn eachdraidh
Saighdear mi 's a' Fhraing 's a' Ghearmailt
Saighdear mi air raointean Chanada
Saighdear mi 's an Spàinn 's an Eadailt
Saighdear mi 'nam aghaidh fhèin an Èirinn
Blàr nan Gaidheal, an Gaidheal 's an cogadh
An fhuil 's am bàs
Air bràighean eachdraidh
Fuaim a' bhlàir, ceòl a' chogaidh
An guth 's an nàire
Air cluasan eachdraidh
Saighdear mi 's a' Fhraing 's 's a' Ghearmailt
Saighdear mi air raointean Chanada
Saighdear mi 's an Spàinn 's an Eadailt
Saighdear mi 'nam aghaidh fhèin an Èirinn
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:40:54
© 1981 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.