An Cuibhle Mor
1991
The Big Wheel
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Na cuibhlichean a' tionndadh
An rathad deas agus tuath
Na cuibhlichean a' gluasad
Mar tha 'saoghal, iad a' tionndadh mun cuairt
Glaschu. Dùn Èideann. Inbhir Nis. Sruighlea.
Na cuibhlichean a' tionndadh
Gach dùthaich muir agus tìr
Tro' ghleanntan tro' bhailtean
a dh'ionnsaigh an àite agaibh fhèin
Steòrnabhagh. Obar Dheadhain.
An Gearasdan. Dùn Deagh.
Lunnainn. A' Ghearmailt
Èirinn. Ameireaga.
An cuibhle mòr nach stad gu bràth
Tionndadh òganaich gu aois
A-nochd tha 'n rathad mòr nar coinneamh
Gun àm ann ach an dràsd
An cuibhle mòr, an cuibhle mòr
'S ioma là chaidh seachad
A ghaoth a seideadh tro an ùir
'S ioma là bha a' ghrian ag èirigh oirnn
Seasamh anns an eòrna nuair a bha sinn òg
Àghmhor. Àghmhor.
A' ruith tro na raointean 's iad a' fàs
Abaich, òrach
Coimhead ri na speuran
'S ioma là, 's ioma là, 's ioma là
Feitheamh 'son a chuairt
An cuibhle mòr, an cuibhle mòr
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:28:57
© 1991 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.