Griogal Cridhe
1978
Play Gaelic
Faclan sgrìobhte le bean Ceann-cinnidh Chlann MhicGriogair ann am bliadhna 1571
'S iomadh oidhche fhliuch is thioram
Sìde nan seachd sian
Gheibheadh Griogal dhomh-sa creagan
Ris an gabhainn dìon
Eudail mhòir do shluaigh an Domhainn
Dhòirt iad d' fhuil an dè,
'S chuir iad do cheann air stob daraich,
Tacan beag bho d' chrè
Obhan obhan obhan iri
Obhan iri o
Obhan obhan obhan iri
'S mòr mo mhulad 's mòr
B' annsa bhi le Griogal cridhe,
Teàrnadh chruidh le gleann,
Na le Baran Mòr na Dalach,
Sìoda geal mu m' cheann.
Obhan obhan obhan iri
Obhan iri o
Obhan obhan obhan iri
'S mòr mo mhulad 's mòr
Nuair bhios mnathan òg a' bhaile
Nochd 'nan cadal sèimh,
'S ann a bhios mise air bruaich do lice,
Bualadh mo dhà làimh.
Obhan obhan obhan iri
Obhan iri o
Obhan obhan obhan iri
'S mòr mo mhulad 's mòr
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:58:29